’S e sgoil-còmhnaidh beagan astar bho Dhùn Èideann a tha ann an Sgoil Harmeny aig oir Chnuic Phentland. Tha i na seasamh an teas mheadhan 30 acair de choille anns a bheil lòn, àrainn fhiadhbheatha, fearann airson glasraich a chur agus seòmar-clas air mullach craoibhe. Tha cothrom aig sgoiltean a bhith a’ dèanamh dlùth-cheangal ri Harmeny gus a bhith ag ionnsachadh bho fhèin-fhiosrachaidhean agus cultar a chèile. Tha Alasdair agus a sgoilearan air tide a ghabhail gus sgrìobhadh beagan dhuinn mu na tha Ceanglaichean Croitearachd a’ ciallachadh dhaibh.
Hi, is mise Alasdair agus tha mi a’ teagasg Foghlam A-muigh aig sgoil Harmeny faisg air Dùn Èideann. Tha ceangal air a bhith agamsa ri Croitearachd bhom òige. B’ ann à Uibhist a Tuath a bha mo Sheanmhair agus bhithinn a’ cur seachad saor-làithean an t-samhraidh air a’ chroit on bha mi beag. Tha mi a-nise 32 bliadhna a dh’aois agus ’s e ùine mhòr a tha sin!
B’ ann ann an Uibhist a dh’fhairich mise ceangal ris an t-saoghal nàdarra airson a’ chiad uair an uair a bhithinn fhèin agus mo bhràithrean a’ cur seachad ar làithean còmhla ri croitear a bha a’ fuireach ann an sin. Bhiodh sinn a’ cuideachadh aig àm breith nan uan as t-earrach agus a’ bualadh an arbhair as t-fhoghar, bhiodh sinn a’ dol a dh’iasgach còmhla agus bhiodh sinn a’ dràibheadh an tractair.
Cha b’ e a-mhàin gun robh e a’ còrdadh rium a bhith a’ dèanamh nan obraichean sin a-muigh, ach bha faireachdainn làidir agam mum dhearbh-aithne fhèin agus uaill agam nam dhualchas. Dh’ionnsaich mi a’ phìob a chluich. Dh’fheuch mi grunnan thurais a’ Ghàidhlig ionnsachadh agus tha mi fhathast a’ feuchainn. Cha robh e na iongnadh sam bith grunnan bhliadhnaichean an dèidh sin gun do rinn mi an àirde m’ inntinn a bhith ag obair a-muigh!

’S e an rud a bhios mi a’ feuchainn ri dhèanamh a bhith a’ cuideachadh sgoilearan a bhith ag ionnsachadh mu nàdar agus is dòcha a bhith a’ dèanamh ceangal ris an t-saoghal nàdarra. Bha mi dhan bheachd gum biodh e feumail nam faigheadh na sgoilearan aig Harmeny beagan fèin-fhiosrachadh coltach ris na fhuair mise an uair a bha mi òg. Cha b’ e a-mhàin a bhith ag ionnsachadh mu nàdar ach a bhith a’ faighinn beagan a-mach mu ar dùthaich fhèin, agus mu a h-eachdraidh is a cultar. Sin mar a chaidh Harmeny an sàs ann an Ceanglaichean Croitearachd.
Buinidh cuid de na sgoilearan againn don Ghàidhealtachd, ach cha chreids mi gu bheil e gu diofar cia às a tha thu. Tha croitearachd na phàirt de eachdraidh ar dùthcha agus bidh e cuideachd na phàirt chudromach den àm ri teachd. Bhiodh e na nì cudromach dhan h-uile duine nam biodh sinn a’ cur ar biadh fhèin ann an dòigh sheasmhach, ag ionnsachadh mu ar dùthaich fhèin, a traidiseanan, a dualchas agus a cànan agus a’ dèanamh cheanglaichean ris an t-saoghal nàdarra.
Blair – Bha e a’ còrdadh rium a bhith ag obair a-muigh. Bha e math a bhith salach. Dh’ionnsaich mi mu dheidhinn buntàta eadar-dhealaichte mar Champion, Skerry Blue agus Witchill. Ghèarr sinn iad agus dh’ullaich sinn iad airson an ithe mar criosps agus slisneagan. Rinn sinn stòbhaidhs leotha cuideachd. Bha iad math dha-rìribh.

Christian- Chòrd e rium a bhith a’ dèanamh àitean-cura a bha air an togail suas on talamh. Bha e math a bhith a’ cur uisge air a’ bhuntàta. Chuir sinn seachad tòrr tide a’ cruinneachadh stuth airson dùn chompost. Tha mi smaoineachadh gun d’ fhuair sinn deagh thoradh de bhuntàta agus bha blas air leth math orra!
Zander- Bha e math a bhith a’ cur rudan san talamh agus a bhith a’ dèanamh chriosps.
Corrie- Chuir mi seachad beagan tìde a’ tionndadh nam feannagan agus ag ullachadh na talmhainn. Chuir sinn cruithneachd, eòrna agus coirce. Chuir mi uisge orra agus bha mi a’ cumail mo shùil orra a’ fàs. Bhuainn mi a’ mhòr-chuid den chruithneachd. Chuir sinn buntàta cuideachd. Bha mi uabhasach toilichte leis na fhuair sinn de bhuntàta bho na barran. Rinn sinn criospan air an teine a bha againn a-muigh. ‘S fhìor thoil leam a bhith a’ fàs rudan. Tha mi a’ smaoineachadh gum faigh mi obair mar thuathanach no mar ghàirnealair.