Tha mòran dhathan eadar-dhealaichte air clòimh – moorit, dubh, geal, katmoget is gulmoget. Tha clòimh Shealtainn uabhasach mìn agus mar sin gheibh thu geansaidhean mìn ach ’s ann à Astràilia a tha a’ mhòr chuid de chlòimh Shealtainn a’ tighinn agus tha e nas dlùithe. ’S urrainn dhut tòrr rudan eadar-dhealaichte a dhèanamh leis an t-snàth, fhighe na gheansaidh no stocaichean, rugaichean a dhèanamh no plaidichean agus adan no felt a dhèanamh.
Airson clòimh fhaighinn, feumaidh tu caora a bhearradh. Bidh na croitearan a’ toirt na clòimhe gu reiceadair clòimhe ann an Lèiruig, Jamieson and Smith. Bidh iadsan a’ cothromachadh na clòimhe; tha gach rùsg timcheall air 1 no 2kg. Tha caoraich Shealtainn beag agus mar sin chan eil iad cho buannachdail do thuathanaich ach a-mhàin airson na clòimhe aca a tha glè mhìn. Tha tuathanaich a’ briodadh chaorach Shealtainn còmhla ri caoraich Suffolk no Cheviot gus am faigh iad caoraich nas motha, le clòimh nas dlùithe ’s mar sin tha àireamh caoraich Shealtainn a’ sìor chrìonadh.
Bithear a’ seòrsachadh na clòimhe: ’s e ìre 1 a’ chlòimh as fheàrr agus ìre 5 an stuth grannda, agus tha na h-ìrean sa mheadhan a rèir an àireimh. Bha timcheall air 30 neach-ceannachd clòimhe ann an toiseach ach a-nis chan eil ann ach mu 3. Tha tòrr chaorach a’ fàs gann leithid caoraich Shealtainn agus na Herdwicks seach nach eil duine a’ briodadh an gnè Shealtainneach còmhla ri chèile agus tha an t-aon rud fìor mu na Herdwicks. Bidh daoine ann an Siorrachd Iorc a’ cleachdadh na clòimhe gharbh airson bratan-ùrlair agus mar sin is urrainn gach pìos den rùsg a chleachdadh agus gheibh an croitear prìs nas fheàrr bhon reiceadair.
Faodar a’ chlòimh a chleachdadh airson iomadach seòrsa rud mar smucks. Feumaidh tu a’ chlòimh fhealtadh airson sin. Bidh Jamieson and Smith a’ cur a’ chlòimh air falbh airson a nighe agus a snìomh agus tha i an uair sin deiseil airson a fighe. Faodaidh tu clòimh a chleachdadh airson plaideachan, teadaidhean, stocainnean, adan, stocaichean, geansaidhean agus miotagan. Faodaidh tu tòrr rudan a chleachdadh airson do chuideachadh mar crios-fighe, bùird mhiotagan agus bùird gheansaidhean. Faodaidh tu cuisean phrìneachan a dhèanamh a-mach à clòimh gus do phrìneachan a ghleidheadh. Gus toirt air daoine a’ chlòimh a cheannach bidh muinntir na bùtha a’ cur pàtran, an cuideam iomchaidh de shnàth agus bioran ann am paca. Thathar air tòiseachadh a’ dèanamh bratan-ùrlair bho chlòimh Shealtainn. Tha iad a’ dol a dhèanamh rugaichean is runairean ann am bùth Jamieson and Smith gus a’ chlòimh air fad bho na rùsgan a chleachdadh gus nach bi aca ri càil a thilgeil às. Gheibh iad fhèin agus na tuathanaich tuilleadh prothaid.
Seumas P6