english | gàidhlig  
Naidheachdan
Bun-sgoil Dhail Chuinnidh, An Cèitean 2010
Ceann-là: 02/06/2010

Chuir clann-sgoile Bun-sgoil Dhail Chuinnidh eòlas air rud gu math sònraichte sa Chèitean nuair a chaidh iad gu Pàirc Dualchas na Gàidhealtachd ann am Bail’ Ùr an t-Slèibh gus cuideachadh buntàta a chuir.  Bha a’ chlann air 5 seòrsa buntàta a chuir san sgoil ron seo, mar phàirt de phròiseact Ceanglaichean Croitearachd.  Chaidh an cur ann am pocannan ri taobh feadhainn a fhuair iad mar phàirt de phròiseact RHET Fàs is Cunnt.

More tatties requiredCharlie P1 and Dylan P4 help
Sa Phàirc Dualchais, choinnich Mgr Bob Powell agus Eric Stiùbhairt na balaich aig an achadh san robh iad a’ dol a chur a’ bhuntàta.  Sheall Bob dhaibh mar a threabhadh iad le tractar agus dh’fheuch a’ chlann air an uair sin, is iad a’ faighinn taic a rèir am meud.  Sheall Eric dhaibh far an cuireadh iad am buntàta agus fhuair iad uile peile Kerr’s Pinks agus chaidh sealltainn dhaibh mar a chuireadh iad am buntàta sna driolaichean.

Eric gets ready to add fertiliser and earth up the tattiesThug a’ chlann deagh aire dhan obair seo.  Chaidh talamh a chuir air uachdair a’ bhuntàta an dèidh sin leis an tractar is an crann is chaidh a’ chlann a-steach airson biadh air an robh iad airidh.  Às dèidh àm lòin, thug Bob iad timcheall air a’ chroit gus am faiceadh iad na h-innealan a b’ àbhaist dhaibh a bhith a’ cleachdadh airson cur is togail a’ bhuntàta sna làithean a chaidh seachad.

Bidh a’ chlann a’ tilleadh san Dàmhair gus cuideachadh le bhith a’ togail a’ bhuntàta a chuir iad fhèin.  Chun uair sin, cumaidh iad orra a’ coimhead às dèidh a’ bhuntàta, na currain, na mearagan beaga agus na lusan a chuir iad san sgoil.  Bidh iad seo (tha sinn an dòchas) air an reic ris a’ choimhearsnachd ionadail airson suim bheag airgid ach bidh sinn a’ cumail cuid dhiubh oir tha sinn an dòchas gun tig an sgoil againn còmhla ri Bun-sgoil a’ Gharbh Ghaisg, an sgoil Ceanglaichean Croitearachd as fhaisg oirnn san Lagan, agus a’ Phàirc Dualchais gus am foghar a chomharrachadh nas ainmich air a’ bhliadhna.

Bob Powell explains how the plough worksLauchlan P6 has a go