english | gàidhlig  
Naidheachdan
Cùm ort a’ Croitearachd!
Ceann-là: 05/05/2010

Nuair a shuidhichear e ma choinneamh an dà dhùbhlan, atharrachadh na side agus prìs na h-ola, tha dreuchd sònraichte aig croitearachd a tha stèidhichte air prionnsabalan a tha ìosal ann an gualan ’s aig a bheil dearbh-aithne làidir chultarail ann a bhith a’ togail ùidh òigridh an là an-diugh ann am biadh agus dòighean-tuathanais a tha càirdeil dhan phlanaid. ’S e pròiseact foghlaim sònraichte a tha ann an Ceanglaichean Croitearachd a tha air a stiùireadh le Comann Ùir na h-Alba (SAS) agus Bunait Croitearachd na h-Alba (SCF) a tha ag amas air an dearbh nì sin a dhèanamh.

‘S e siostam dualchasach ann an Alba de thuathanasan beaga, air an obrachadh sa mhòr-chuid pàirt-ùine, a tha ann an croitearachd, a tha air taic a thoirt do theaghlaichean fad linntean ann an cuid de na sgìrean as iomallaich agus as fhiadhaich air feadh na Gàidhealtachd agus na h-Eileanan.  Cha d’ tàinig atharrachadh mòr sam bith air croitearachd sa mhòr chuid de choimhearsnachdan gu na 1950an, nuair a thug suidheachaidhean eaconamach is sòisealta ùra atharrachadh mòr air cùisean.  An-diugh, tha nas lugha na 18,000 dachaigh ann far a bheilear ri obair-croite fhathast, agus tha meadhan-aois nan croitearan nas àirde na 50.  Ma tha croitearachd gu bhith beò san 21mh linn, feumaidh daoine òga a bhith air am brosnachadh gus a chumail a’ dol.

Gu ruige seo, tha 30 sgoil air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean air aontachadh pàirt a ghabhail ann an Ceanglaichean Croitearachd.  Tha gnìomhan air an dealbh gus am bi òigridh a’ gabhail pàirt annta, agus gus am bi iad spòrsail is ceangailte ris a’ Churraicealam airson Sàr Mhathais.  Ionnsachaidh òigridh a tha airson tòiseachadh air obair-croite bho chroitearan aig a bheil eòlas air obair-àiteachais is air a bhith a’ fàs bàrr traidiseanta, biadh traidiseanta ullachadh agus tuigse carson a tha croitearachd fhathast cudromach san latha an-diugh.  Gheibh iad cuideachd tuigse nas fheàrr air a’ cheangal eadar croitearachd is an àrainneachd.  Bidh Ceanglaichean Croitearachd a’ gabhail a-steach còrr air 1,000 òigridh, eadar còig agus sia- bliadhna deug a dh’aois, thar air ath thrì bliadhna.

An adhbhar a tha croitearachd cudromach

’S e dòigh fhaiceallach a tha ann an croitearachd airson rianachd fearainn agus tha buaidh shònraichte is bhuannachdail aige air an àrainneachd.

Tha croitearachd deatamach airson a bhith a’ stòradh ghualan is a’ dìon bho atharrachadh sìde, seach gu bheil earrannan mòra de mhòinteach fo smachd chroitearachd.  Tha Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba air obrachadh a-mach gu bheil 2735mt (millean tunna) de ghualan ann am mòintichean na h-Alba.  Gus tuigse fhaighinn air seo, bha a’ chumhachd air fad a chaidh a chleachdadh ann an Alba ann an 2005 aig ìre 49mt de ghualan.  Thathar a’ meas nam biodh nas lugha na aon per cent den ghualan sna mòinteachan air a leigeil a-mach dhan àrainneachd tro dhroch rianachd, gum biodh a dhà uimhir de ghasaichean greenhouse a’ tighinn à Alba.  Mar sin tha na dòighean rianachd fhaiceallach a tha an lùib chroitearachd deatamach ann a bhith a’ dìon nam mòintichean agus a’ cumail a’ ghualain glaiste annta.
Tha fiadh-bheatha a’ buannachadh cuideachd.  Mar eisimpleir, tha dà thrian de na machraichean san t-saoghal - talamh feurach làn shìthein nàdarra a tha air a dhìon fo riaghailtean Eòrpach – ann an sgìrean croitearachd na h-Alba.  Tha a’ mhachair, a tha air a cleachdadh airson stoc a bhith a’ deanamh beagan ionaltraidh oirre, cuideachd a’ cumail taic ri iomadh seòrsa eun a tha cudromach aig ìre nàiseanta is eadar-nàiseanta, is a tha a’ gabhail a-steach an traon a tha annasach agus doirbh fhaicinn.

Mar a tha poileasaidh àiteachais ag atharrachadh bho bhith a’ cumail taic ri toradh gu bhith a’ dìon agus a’ cur ris an àrainneachd, tha croitearachd ann an suidheachadh math airson freagairt air seo agus buannachd fhaighinn às an ùidh a tha a’ sìor fhàs airson biadh le ìre ìosal de ghualan agus furasta faighinn a-mach cò às a thàinig e.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu Ceanglaichean Croitearachd aig earrann Alba de www.soilassociation.org.


Geàrr eachdraidh chroitearachd

Sa mhòr-chuid, tha fearann gu math bochd sna sgìrean croitearachd, agus tha aimsir fhiadhaich ann cuideachd.  Chan ann gun fhiosta dhaibh a thàinig croitearan gu bhith sna h-àitean seo, ach tro na fuadhaichean ainmeil a thachair aig deireadh an 18mh is toiseach an 19mh linn.

Gus rùm a dhèanamh do chaoraich, chaidh mìltean de theaghlaichean fhuadach, gu math tric le làmhachas làidir, bhon fhearran aca sna glinn Ghàidhealeach.  Ged a rinn cuid eilthireachd, bha a’ chuid a bu mhotha dhiubh air am fuadach chun chosta far an tug uachdarain dhaibh pìosan beaga fearann bochd – croitean – air màl.

Bha a bhith a’ cumail biadh ris an teaghlach aig crìdhe croitearachd.  Bha a’ chuid a bu mhotha de na teaghlaichean, a’ fuireach ann an taighean-tughaidh cloiche, le còir aca air a’ chùl-chinn airson ionaltradh an stuic agus bha iad a’ fuireach ann am bailtean far am biodh iad ag obair còmhla air an àiteachas. Bhiodh bò no dhà aca, cearcan agus uaireannan dha na thrì chaoraich, mucan agus eich airson treabhadh agus cairtearachd.  Bha an stoc a’ toirt dhaibh bainne, ìm, càise, uighean, hama agus feòil.  Bha croitearan cuideachd a’ cur coirc, buntàta agus lusan eile ann am feannagan a bha iad air a chladhach le spaid agus air a mhathachadh le feamainn agus todhar na bà.

Ach bha am beatha gu math doirbh.  Cha robh còirichean nan croitearan teàrainte.  Dh’fhaodadh am mhàl aca a dhol suas aig àm sam bith agus iad a bhith air am fuadach gun fios a bhith air a thoirt dhaibh.  Dh’fhàs cùisean na bu mhiosa nuair a thàinig gaiseadh sa bhuntàta sna 1840an agus thòisich na croitearan ri strì airson còir fhaighinn air an fhearann. Thàinig Achd nan Croitearan gu bhith na lagh ann an 1886, agus thug seo teàrainteachd gabhaltais do na croitearan agus màl na bu chothromaich.