english | gàidhlig  
Naidheachdan
Sgoil Cheann a’ Bhàigh a’ dol gu Fèill-reic Loch nam Madadh
Ceann-là: 13/06/2011

Mar phàirt den phròiseact Ceanglaichean Croitearachd is a bhith a’ cur a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais an cèill, chaidh sgoilearan Àrd-sgoil Cheann a’ Bhàigh gu Margaidh Loch nam Madadh air Diardaoin 20mh Faoilleach airson a’ chiad Fèill-reic den bhliadhna.

Fhad ’s a bha iad ann, ghabh iad nota dhan àireamh de bheathaichean a chaidh an reic, na briodan, an cuideam agus na prìsean a fhuairear orra.  Chaidh an dàta a chur ann an duilleagan-clèithe gus grafan, clàran agus obrachadh a-mach de gach seòrsa a dhèanamh.  Seo dha na trì eisimpleirean de dh’obair nan sgoilear.

An Croitear
Bha e na sheasamh gu sàmhach anns an oisein, aodann le dreach na h-aimsir agus e air a bhith ag obair a-muigh uairean fada, a shùil air an fhear-reic is e a’ coimhead gu dlùth air.  Bha e ann an sin le bhoiler-suit ghorm, a bhata na làimh agus brògan mòra donna air a dhà chois.  Bha bonaid clòimh air a cheann ach chitheadh tu fhalt liath a’ nochdadh a-mach fodha.  Cha robh e a’ dèanamh gluasad sam bith ach nan coimheadadh tu gu dlùth chitheadh tu gun robh e a’ togail a chorrag beagan a h-uile turas a bhiodh an neach-reic a’ sireadh fear-tairgse eile.   
Hannah Hocine

Am fear-reic
An uair a chaidh mi a-steach, laigh mo shùil air an neach-reic.  Bha e na shuidh ann an oisean bheag.  Bha e ag obair air pàipearan agus bha am mioc aige air.  Bha am fuaim a’ dranndan nam chluasan.  An uair a thòisich e a’ bruidhinn, bha fuaim mhòr ann agus bha anail gu math goirid.  Cha mhòr gun robh a lipean a’ gluasad.  Bha e ag ainmeachadh tòrr àireamhan.  Bha a chorrag a’ comharrachadh chuideigin a bha ag iarraidh beathach a cheannach.  Chluinneadh tu a ghuth air feadh an t-seòmair leis mar a bha am miocrofon ga thogail, agus bha e a’ glacadh sùil chuideigin bho àm gu àm.

Bha e a’ bualadh òrd air an deasga nuair a dheigheadh laogh no bò a cheannach.  An uair sin dheigheadh e air adhart chun ath bheathach a dheigheadh a-steach dhan ‘ring’.  An uair a dh’innseadh e beagan mun bheathach bhiodh a shùilean air pìos pàipeir.  Bhiodh a ghloinneachan letheach-slighe sìos a shròin agus cha mhòr gun togadh e a cheann an uair a bha e a’ bruidhinn.  Bhiodh a shùilean a’ coimhead air feadh an t-seòmair.  Thòisicheadh e aig an t-sreath a b’ àirde agus choimheadadh e sìos gach sreath gus an ruigeadh e an tè a b’ isle.  Cha chumainn-sa suas ris oir bha e a’ bruidhhinn a dhà uimhir cho luath ri duine àbhaisteach.  Is iongantach mur robh e sgìth an uair a chaidh e dhachaigh an raoir.  Bha e làn airidh air deagh thàmh na h-oidhche.
Iain MacBeathain S2

An Crodh
Bha beagan eagail orm an uair a chaidh an crobh agus na tairbh a-steach dhan ring.  Bha na sùilean mòra cruinn donn aca a’ coimhead mun cuairt air na daoine.  Bha iad nan trotan is a’ dol bho thaobh gu taobh agus a’ tionndadh.  Bha an dromannan a’ bualadh air cliathaich an ring. Bha na cinn aca a’ coimhead ri na daoine a bha faisg air oir an ring.  Bha na beathaichean a’ bùirich.  Bha am fuaim a bha iad a’ dèanamh a’ cur an eagail ort.  Bha faireachdainn gu math teann san t-seòmar. 

An uair a thàinig na beathaichean a-steach shaoileadh tu nach robh iad dachaigheil.  An uair a dhùin na geataichean mòra stàilinn bha iad mar gum bioodh iad a’ sireadh dòigh air faighinn air falbh.  Bha iad ag obair len sròinean bho àm gu àm.  Cha robh e a’ còrdadh riutha a bhith air am bruthadh ri chèile gun rùm aca is gun àite-ionaltraidh aca dhaibh fèin.

Bha na fir air an èideadh ann am boiler-suits uaine, dearg, gorm is orains agus bha iad a’ treòrachadh nam beathaichean mun cuairt an ring le maidean fada fiodh.  Aon uair is gun robh na beathaichean air an reic, bhiodh iad a’ dol gu luath a-steach do dh’àite eile ri taobh an fhir-reic.  Bhiodh na casan aca a’ sgrìobadh an stràbh a bha air an làr.  Bhiodh na geataichean a’ dèanamh tòrr fuaim agus bhiodh an crodh an uair sin a’ geumnaich.  Bha là na fèille seachad.
Iain MacBeathain S2.