english | gàidhlig  
Naidheachdan
Ceanglaichean Croitearachd - Crofting Connections
Ceann-là: 05/05/2010

Tha Lillian Kelly, Oifigear Leasachaidh le SAS, ag aithris air pròiseact inntinneach ùr.

“’S e pròiseact ùr innleachdach a tha ann an Ceanglaichean Croitearachd a bhrosnaicheas còrr air 1,000 neach òg eadar 5-16, a tha a’ fuireach ann an coimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, gu bhith ag ionnsachadh mu chroitearachd san àm a dh’fhalbh, san àm a tha an làthair agus san àm ri teachd.

Contructing the raised bed - Lochs School
Ionnsaichidh iad sgilean traidiseanta bho chroitearan, cruthaichidh iad pròiseactan bidhe a tha math dhan àrainneachd agus cuidichidh iad ann a bhith a’ dìon eachdraidh, dualchas agus cultar nan coimhearsnachdan croitearachd aca.

’S e adhbhar Ceanglaichean Croitearachd, daoine òga a bhrosnachadh gus dòigh beatha a dhèanamh seasmhach a tha ag adhartachadh amasan àrainneachail, eaconamach agus sòisealta, a tha deatamach airson coimhearsnachdan dùthchail beothail is fallain a chumail suas san 21mh linn.

Gu ruige seo, tha còrr air 30 sgoil is coimhearsnachd air an ainmean a chur ri pàirt a ghabhail ann an Ceanglaichean Croitearachd. Tha Bunait Croitearachd na h-Alba (SCF) agus Comann Ùir na h-Alba (SAS) a’ stiùireadh a’ phròiseict le taic bho Maoin Dualchas a’ Chrannchar Nàiseanta, Dualchas Nàdair na h-Alba, LEADER, Comhairle Earra-ghàidheal agus Bhòid, Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Arcaibh agus Comhairle Shealtainn.

Farr School - learning about crofting

Tha Ceanglaichean Croitearachd stèidhichte air sgeama pìleat soirbheachail a bha a’ comharrachadh chroitearachd ann am Bliadhna Cultar na Gàidhealtachd 2007.  Mhìnich aithisg air a’ phìleat le Sgoiltean Brosnachadh Slàinte (a-nise mar phàirt de dh’Ionnsachadh agus Teagasg Alba) gun robh òigridh a’ faireachdainn na bu dlùithe ris an talamh agus ris a’ choimhearsnachd mar thoradh air a bhith ag ionnsachadh bho chroitearan, agus aig an aon àm fhuair daoine nas sine toileachas bho bhith a’ toirt seachad an eòlais agus na sgilean a bha aca.

Bha barrachd ùidh aig òigridh ann an sgilean ullachaidh bidhe is traidiseanan co-cheangailte ri croitearachd, agus dh’fhàs iad na bu mhisneachail, agus bha barrachd fiosrachaidh agus pròis aca nan dualchas.  Bha tòrr dhiubh cuideachd a’ nochdadh ùidh ann a bhith ag obair agus a’ fuireach sna coimhearsnachdan aca nuair a chuireadh iad crìoch air an cuid foghlam.

Harvest of carrots from the barrel - Kilchoan
Tha a bhith a’ tarraing a-steach a’ choimhearsnachd agus a’ brosnachadh obair eadar-ghinealach mar phrìomh amasan.  Ionnsaichidh òigridh sgilean traidiseanta bho chroitearan mar ciamar a chruthaicheas iad feannagan, a’ cur agus a’ buain bàrr leithid eòrna agus càl, ionnsachaidh iad mar a dheasaicheas iad an seòrsa biadh a bha na croitearan ag ithe gu bitheanta agus mar a cho-roinneas iad am biadh sin air a’ choimhearsnachd aig àm an fhoghair. Bidh iad cuideachd a’ feuchainn a-mach obraichean traidiseanta mar fighe, togail bhàtaichean is a’ dèanamh fhìdheall còmhla ri luchd-ciùird ionadail agus ionnsachaidh iad barrachd mu eachdraidh, cultar agus cruinn-eòlas an sgìre aca fhèin, cho math ris na buannachdan àrainneachail is slàinte a tha an lùib croitearachd.
Tha e na phrìomh amas eachdraidh, cultar agus dualchas ionadail a dhìon.  Mar phàirt de Cheanglaichean Croitearachd, gabhaidh sgoiltean pàirt ann am pròiseactan eachdraidh agus beul-aithris ionadail gus na cuimhneachain is na sgeulachdan a tha aig na ginealaich as sine a chlàradh.  Bidh cothrom aig a’ phoball am faotainn air làrach-lìn agus taighean tasgaidh is comainn eachdraidh ionadail

Tro Cheanglaichean Croitearachd, ionnsachaidh òigridh mun bhuaidh a tha aig croitearachd a thaobh a bhith a’ dìon an dualchais, a tha air a nochdadh tro bheairteas de cheòl, òrain, dannsa, bàrdachd, sgeulachdan agus litreachas.

Harvest from the barrel - Kilchoan

Tha Ceanglaichean Croitearachd sònraichte leis gu bheil e a’ ceangal a-steach ris a’ Churraicealam airson Sàr Mhaitheis, agus bidh e a’ cur ri raon de dh’amasan àrainneachail, cultarail agus sòisealta.

Thuirt Àrd Oifigear SCF Pàdraig Krause:”Tha sinn air leth toilichte gu bheil e comasach dhuinn, còmhla ri buidhnean eile, am pròiseact ùr seo a chur air bhog.  Tha croitearachd a’ cur gu mòr ri coimhearsnachdan agus àrainneachd fallain – agus tha mòran aig ar n-òigridh ri thabhann.  Feumaidh sinn tasgadh a dhèanamh annta gus croitearachd a dhèanamh seasmhach san àm ri teachd.”

Thubhairt Ùisdean Raven, Stiùiriche SAS: “Nuair a shuidhicheas sinn e ma choinneamh an dà dhùbhlan a tha romhainn - atharrachadh na side agus prìs na h-ola, tha croitearachd na dhòigh àiteachais nach eil a’ feumachdainn mòran cur a-steach, ’s aig nach eil mòran buaidh ’s aig a bheil dearbh-aithne làidir chultarail is a cuidicheas gus òigridh a bhrosnachadh gu bhith ag ionnsachadh mun àrainneachd agus am feum a tha ann airson dòighean-beatha a tha seasmhach.”