english | gàidhlig  
Naidheachdan
Ceanglaichean Croitearachd a’ cumail Margaidh Chroitear
Ceann-là: 21/02/2011

Ann am Bun-sgoil Mhionaird, tha sinn air a bhith trang thar na bliadhna a chaidh seachad ag obair air pròiseact airson Ceanglaichean Croitearachd.

Gus deireadh na ciad bliadhna a chomharrachadh, chùm sinn margaidh chroitear gus am faiceadh a h-uile duine sa choimhearsnachd dè a bha sinn a’ dèanamh.

A’ Mhargaidh thrang aig Baile Achadh an Droighinn
Bha e againn ann an Taigh-tasgaidh baile Achadh an Droighinn agus ghabh trì sgoiltean pàirt ann; Bun-sgoiltean Inbhir Aora agus An Fhùirneis agus sinn fhèin.  Bha stàile an urra aig na trì sgoiltean agus bha iad a’ reic glasraich agus stuthan grèidhte a bha iad air fhàs agus an ullachadh sna sgoiltean aca fhèin.  Air an stàile againn bha sinn a’ reic glasraich a chuir sinn fhèin mar biotrut, leatas, currain, buntàta (msaa) agus bha sinn a’ reic dealbhan balla air am fighe agus bobhlaichean crèadha a rinn sinn an lùib a’ phròiseict.
Greasaibh oirbh!  Chan eil ach beagan bhuntàta agus sgonaichean air fhàgail air stàile Mhionaird! <br />
Bha tòrr de stàilichean eile ann le geamannan is cur-seachadan agus chuir an sgoil againn air dòigh na buidhnean sgiobaigidh agus fighe.  B’ e an geama a b’ fheàrr a chòrd ris na bha an làthair a bhith a’ lorg a’ bhodach-ròcais. Bha e math dha-rìribh a bhith an sàs sna gnìomhan air fad.
Alasdair, Sam, Adhamh agus Tobaidh a’ gabhail cothrom mu seach a bhith a’ cur fàilte air na daoine.<br />

Chòrd e sònraichte math riumsa a bhith a’ bleith a’ choirce agus a bhith a’ lorg a’ bhodach-ròcais.  Cha mhòr nach do reic sinn a h-uile càil agus rinn sinn £70 airson iomairt na sgoile.

Bha e math dha-rìribh agus bu toigh leam a dhèanamh a-rithist.

Dòmhnall MacCaluim (P7) Bun-sgoil Mhionaird

Harley a’ bleith gràn gus min fhlùr a dhèanamh airson ar roilichean.