english | gàidhlig  
Naidheachdan
Voices of the Island Crofts - Portree 4th Oct
Ceann-là: 12/09/2011

The Venue

Portree High School

Tuesday 4th October at 7.30 pm

Leugh an t-artaigil air fad: Voices of the Island Crofts - Portree 4th Oct

Sgoil Cheann a’ Bhàigh a’ dol gu Fèill-reic Loch nam Madadh
Ceann-là: 13/06/2011

Mar phàirt den phròiseact Ceanglaichean Croitearachd is a bhith a’ cur a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais an cèill, chaidh sgoilearan Àrd-sgoil Cheann a’ Bhàigh gu Margaidh Loch nam Madadh air Diardaoin 20mh Faoilleach airson a’ chiad Fèill-reic den bhliadhna.

Fhad ’s a bha iad ann, ghabh iad nota dhan àireamh de bheathaichean a chaidh an reic, na briodan, an cuideam agus na prìsean a fhuairear orra.  Chaidh an dàta a chur ann an duilleagan-clèithe gus grafan, clàran agus obrachadh a-mach de gach seòrsa a dhèanamh.  Seo dha na trì eisimpleirean de dh’obair nan sgoilear.

Leugh an t-artaigil air fad: Sgoil Cheann a’ Bhàigh a’ dol gu Fèill-reic Loch nam Madadh

Ceanglaichean Croitearachd a’ cumail Margaidh Chroitear
Ceann-là: 21/02/2011

Ann am Bun-sgoil Mhionaird, tha sinn air a bhith trang thar na bliadhna a chaidh seachad ag obair air pròiseact airson Ceanglaichean Croitearachd.

Gus deireadh na ciad bliadhna a chomharrachadh, chùm sinn margaidh chroitear gus am faiceadh a h-uile duine sa choimhearsnachd dè a bha sinn a’ dèanamh.

Leugh an t-artaigil air fad: Ceanglaichean Croitearachd a’ cumail Margaidh Chroitear

Ar Turas a Dhùn Èideann - Bun-sgoil LochCarrainn
Ceann-là: 10/01/2011

An t-seachdain a chaidh bha sinn ann an Dùn Èideann gus tadhal air a’ phàrlamaid.  Chaidh sinn ann air bus beag agus bha fhios againn gum biodh e air leth inntinneach.  Fhuair sinn an cothrom a dhol ann seach gu bheil an sgoil againn an sàs ann an Ceanglaichean Croitearachd agus chaidh na h-ainmean againn a thogail a-mach às an aid. 

Leugh an t-artaigil air fad: Ar Turas a Dhùn Èideann - Bun-sgoil LochCarrainn

Ceanglaichean Croitearachd aig Pàrlamaid na h-Alba Fios Naidheachd
Ceann-là: 29/11/2010

Bidh 80 sgoilear bho 40 sgoil stèidhichte ann an coimhearsnachdan croitearachd air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean ann an Earra-Gàidheal, Na h-Eileanan Siar, A’ Ghàidhealtachd, agus Arcaibh is Sealtainn a’ tighinn a Dhùn Èideann an t–seachdain seo gu cuirm ann am Pàrlamaid na h-Alba gus a bhith a’ comharrachadh Ceanglaichean Croitearachd, am pròiseact a bhios gan ceangal ri an dualchas croitearachd.

Leugh an t-artaigil air fad: Ceanglaichean Croitearachd aig Pàrlamaid na h-Alba Fios Naidheachd

Cuirm aig Pàrlamaid na h-Alba 10mh Samhain 2010
Ceann-là: 23/11/2010

Artaiceal bhon Northern Times
Bha latha inntinneach aig naoinear sgoilearan, dithis an urra, bho bhun-sgoiltean Mhealbhaich, Thonga agus Fhàrr, agus triùir a bha na bu shine bho Àrd-sgoil Fàrr, ann an Dùn Èideann Diciadain a chaidh mus deach iad gu foillseachadh air an fheasgair ann am Pàrlamaid na h-Alba nan riochdairean air Ceanglaichean Croitearachd, prògram foghlaim innleachdach anns an robh na sgoiltean sin agus 37 eile bho air feadh nan Siorrachdan Croitearachd air a bhith an sàs gu mòr. 

Leugh an t-artaigil air fad: Cuirm aig Pàrlamaid na h-Alba 10mh Samhain 2010

Ceanglaichean Croitearachd – Aig Sgoil Harmeny
Ceann-là: 19/10/2010

’S e sgoil-còmhnaidh beagan astar bho Dhùn Èideann a tha ann an Sgoil Harmeny aig oir Chnuic Phentland.  Tha i na seasamh an teas mheadhan 30 acair de choille anns a bheil lòn, àrainn fhiadhbheatha, fearann airson glasraich a chur agus seòmar-clas air mullach craoibhe.  Tha cothrom aig sgoiltean a bhith a’ dèanamh dlùth-cheangal ri Harmeny gus a bhith ag ionnsachadh bho fhèin-fhiosrachaidhean agus cultar a chèile. Tha Alasdair agus a sgoilearan air tide a ghabhail gus sgrìobhadh beagan dhuinn mu na tha Ceanglaichean Croitearachd a’ ciallachadh dhaibh.

Leugh an t-artaigil air fad: Ceanglaichean Croitearachd – Aig Sgoil Harmeny

Clòimh Shealtainn
Ceann-là: 04/08/2010

Tha mòran dhathan eadar-dhealaichte air clòimh – moorit, dubh, geal, katmoget is gulmoget.  Tha clòimh Shealtainn uabhasach mìn agus mar sin gheibh thu geansaidhean mìn ach ’s ann à Astràilia a tha a’ mhòr chuid de chlòimh Shealtainn a’ tighinn agus tha e nas dlùithe.  ’S urrainn dhut tòrr rudan eadar-dhealaichte a dhèanamh leis an t-snàth, fhighe na gheansaidh no stocaichean, rugaichean a dhèanamh no plaidichean agus adan no felt a dhèanamh.

Leugh an t-artaigil air fad: Clòimh Shealtainn

Bun-sgoil Dhail Chuinnidh, An Cèitean 2010
Ceann-là: 02/06/2010

Chuir clann-sgoile Bun-sgoil Dhail Chuinnidh eòlas air rud gu math sònraichte sa Chèitean nuair a chaidh iad gu Pàirc Dualchas na Gàidhealtachd ann am Bail’ Ùr an t-Slèibh gus cuideachadh buntàta a chuir.  Bha a’ chlann air 5 seòrsa buntàta a chuir san sgoil ron seo, mar phàirt de phròiseact Ceanglaichean Croitearachd.  Chaidh an cur ann am pocannan ri taobh feadhainn a fhuair iad mar phàirt de phròiseact RHET Fàs is Cunnt.

Leugh an t-artaigil air fad: Bun-sgoil Dhail Chuinnidh, An Cèitean 2010

Mil a’ cruthachadh dranndain ann an sgoiltean Ceanglaichean Croitearachd
Ceann-là: 07/05/2010

Bha sgoilearan ann am bun-sgoil A’ Gharbh Ghasg is Dhail Chuinnidh air bhioran nuair a thàinig fear a bhios a’ dèanamh meala dham faicinn sa Mhàrt mar phàirt de phrògram Ceanglaichean Croitearachd.

Leugh an t-artaigil air fad: Mil a’ cruthachadh dranndain ann an sgoiltean Ceanglaichean Croitearachd

’S e beatha mar chroitear a tha romham
Ceann-là: 07/05/2010

’S e sgoilear a th’ annam san dàrna bliadhna de chùrsa croitearachd Sgoil Lìonacleit, ag obrachadh aig Ìre Eadar-mheadhan 2.  Chaidh iarraidh orm òraid a thoirt seachad aig co-labhairt air Croitearachd san Àm ri Teachd ann an Steòrnabhagh mun chroit agam fhèin agus an t-eòlas a tha agam air croitearachd.

Leugh an t-artaigil air fad: ’S e beatha mar chroitear a tha romham

Lionacleit Crofter
Ceann-là: 07/05/2010

Tha sinn a-nise san dàrna bhliadhna de ‘A’ Bhliadhna Croitearachd’ ann an Sgoil Lìonacleit, Beinn na Fadhla.

Leugh an t-artaigil air fad: Lionacleit Crofter

A’ faighinn a-mach mun àm a dh’fhalbh gus an t-àm ri teachd a thuigsinn
Ceann-là: 05/05/2010

Airson a’ chiad uair bho 1847, tha pìos talmhainn gu bhith air a chleachdadh mar fheannagan ann an Achadh an Droighinn.

Leugh an t-artaigil air fad: A’ faighinn a-mach mun àm a dh’fhalbh gus an t-àm ri teachd a thuigsinn

Ceanglaichean Croitearachd Bun-sgoil Chille Chomhain
Ceann-là: 05/05/2010

Cha mhòr nach eil an geamhradh seachad agus tha sinn a-nis a’ coimhead air adhart ris an earrach agus a h-uile càil a tha co-cheangailte ris.

Leugh an t-artaigil air fad: Ceanglaichean Croitearachd Bun-sgoil Chille Chomhain

Ceanglaichean Croitearachd air bhog
Ceann-là: 05/05/2010

Thug Pam Rodway, co-òrdanaiche a’ phròiseict fios seachad

’S e pròiseact trì-bliadhnail a tha ann an Ceanglaichean Croitearachd a chuireadh air chois gus ceangal a dhèanamh eadar sgoiltean agus an dualchas croitearachd sna siorrachdan croitearachd ann an Earra-Ghaidheal, A’ Ghàidhealtachd, Na h-Eileanan Siar, Arcaibh agus Sealtainn. 

Leugh an t-artaigil air fad: Ceanglaichean Croitearachd air bhog

Ceanglaichean Croitearachd
Ceann-là: 05/05/2010

B’ e aon de na nithean a b’ inntinnich aig Cruinneachadh Bunait Croitearachd na h-Alba ann an Inbhir Pheofharain bho chionn dha na thrì bhliadhnaichean air ais a bhith a’ faicinn an ùidh agus an toileachas intinnn a bha aig sgoilearan a ghabh pàirt ann am Planting to Plate.

Leugh an t-artaigil air fad: Ceanglaichean Croitearachd

Cùm ort a’ Croitearachd!
Ceann-là: 05/05/2010

Nuair a shuidhichear e ma choinneamh an dà dhùbhlan, atharrachadh na side agus prìs na h-ola, tha dreuchd sònraichte aig croitearachd a tha stèidhichte air prionnsabalan a tha ìosal ann an gualan ’s aig a bheil dearbh-aithne làidir chultarail ann a bhith a’ togail ùidh òigridh an là an-diugh ann am biadh agus dòighean-tuathanais a tha càirdeil dhan phlanaid. ’S e pròiseact foghlaim sònraichte a tha ann an Ceanglaichean Croitearachd a tha air a stiùireadh le Comann Ùir na h-Alba (SAS) agus Bunait Croitearachd na h-Alba (SCF) a tha ag amas air an dearbh nì sin a dhèanamh.

Leugh an t-artaigil air fad: Cùm ort a’ Croitearachd!

Ceanglaichean Croitearachd - Crofting Connections
Ceann-là: 05/05/2010

Tha Lillian Kelly, Oifigear Leasachaidh le SAS, ag aithris air pròiseact inntinneach ùr.

Leugh an t-artaigil air fad: Ceanglaichean Croitearachd - Crofting Connections