‘S e pròiseact foghlam a th’ ann an Ceanglaichean Croitearachd, a leigeas le 1,200 neach òg eadar 5 agus 16 a dh’ aois, a tha a’ fuireach ann an coimhearsnachdan dùthchail air feadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, ionnsachadh mar a bha, mar a tha is mar a bhitheas croitearachd.
Leis na dùbhlain mòra àrainneachail is sòisealta anns a bheil e stèidhichte, tha pàirt sònraichte aig croitearachd ri chluiche ann a bhith a’ brosnachadh òigridh gu bhith smaoineachadh mu t-saoghal mhòr air fad, agus a bhith a’ cur gnìomhan air dòigh gu h-ionadail.

Bho na 1950an, tha crìonadh air a thighinn air croitearanchd mar thoradh air cùisean eaconamach, sòisealta agus àrainneachd, còmhla ri atharrachaidhean ann an dòighean tuathanais agus iasgach.
An-diugh, tha nas lugha na 18,000 dachaigh a’ gabhail pàirt ann an croitearachd, agus tha aois chuibheasach chroitear nas àirde na 55.
Tha Ceanglaichean Croitearachd a’ tighinn aig an aon àm ri atharrachaidhean mòra san lagh gus dèanamh cinnteach gu bheil croitearachd seasmhach agus prothaideach san 21mh linn.
Brosnachaidh am pròiseact againne òigridh gus pàirt a ghabhail ann a bhith a’ dìon chroitearachd san àm ri teachd.
Tha an Curaicealam airson Sàr Mhathais a’ brosnachadh sgoiltean gu bhith ag obair thar chrìochan chuspairean is a bhith a’ coimhead a-mach nas fharsainge nan t-seòmar teagaisg airson cothroman ionnsachaidh.
Tha Ceanglaichean Croitearachd a’ tabhann freàm-obrach fìor mhath do sgoilearan de bhuannachdan ionnsachaidh eadar-chuspaireach agus do sgoiltean a bhith a’ co-roinn deagh dhòighean obrach.
‘S e an dìleab a dh’fhàgas Ceanglaichean Croitearachd, ginealach òg a bhios nas fiosraichte, a chuidicheas ann a bhith a’ dealbh coimhearsnachdan beothail is làidir a fhreagras feumalachdan is dùbhlain an 21mh linn.
Mìcheal Ruiseal BPA a’ tadhal air Sgoil Lìonacleit

Anns an dealbh chithear na sgoilearan Calum Martindale agus Daibhidh Holliday, Rùnaire an Fhoghlaim Mìcheal Ruiseal agus air a’ chùl Alasdair Ailein BPA nan Eilean Siar.
Thadhail Mgr Ruiseal air a’ chroit aig Niall Mac a’ Phearsain far a bheil na sgoilearan air AS3 a tha a’ dèanamh a’ chùrsa croitearachd a’ faighinn eòlas air a bhith a’ làimhseachadh chaorach. –gan cur dhan fhaing agus a’ toirt nan uan air falbh gus tagaichean a chur nan cluasan. Bhruidhinn e rium mu na bha sinn a’ dèanamh an lùib Cheanglaichean Croitearachd agus bha e follaiseach gun robh eòlas aige mu dheidhinn agus gun robh e a’ cur a thaic ris.
Choinnich e ri dithis de na sgoilearan cuideachd a bha sa chiad bhuidheann a rinn a’ chùrsa Croitearachd agus bha iad gu mòr a’ moladh mar a chaidh dhaibh agus bha iad a’ bruidhinn mu na planaichean a bha aca airson an ama ri teachd. Bha iad cuideachd mar phàirt den sgioba a rinn adag choirce ann an theatar na sgoile an uair a chur Mgr Ruiseal an cùrsa air bhog.
The Venue
Portree High School
Tuesday 4th October at 7.30 pm
Leugh an t-artaigil air fad.: Voices of the Island Crofts - Portree 4th OctMar phàirt den phròiseact Ceanglaichean Croitearachd is a bhith a’ cur a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais an cèill, chaidh sgoilearan Àrd-sgoil Cheann a’ Bhàigh gu Margaidh Loch nam Madadh air Diardaoin 20mh Faoilleach airson a’ chiad Fèill-reic den bhliadhna.
Fhad ’s a bha iad ann, ghabh iad nota dhan àireamh de bheathaichean a chaidh an reic, na briodan, an cuideam agus na prìsean a fhuairear orra. Chaidh an dàta a chur ann an duilleagan-clèithe gus grafan, clàran agus obrachadh a-mach de gach seòrsa a dhèanamh. Seo dha na trì eisimpleirean de dh’obair nan sgoilear.
Leugh an t-artaigil air fad.: Sgoil Cheann a’ Bhàigh a’ dol gu Fèill-reic Loch nam Madadh