Prìomh chom-pàirtichean
‘S e Bunait Croitearachd na h-Alba an aon bhuidheann le ballrachd a tha ag obrachadh gus croitearachd adhartachadh agus ‘s e am comann as motha de luchd-cinneachaidh bidhe aig sgèile bheag a tha anns an UK.
Tha Comann Ùir na h-Alba ag adhartachadh obair tuathanais a tha math dhan phlanaid agus biadh fallain tro fhoghlam, iomairtean agus prògraman coimhearsnachd.
Am buidheann stiùiridh
Tha buidheann stiùiridh a’ cumail taic ris a’ phròiseact le riochdairean bho phrìomh bhuidhnean agus chomainn sna còig ùghdarrasan ionadail a tha anns na siorrachdan croitearachd – Earra-ghàidheal agus na h-Eileanan, a’ Ghàidhealtachd, na h-Eileanan an Iar, Arcaibh agus Sealtainn. Tha iad a’ toirt beairteas de dh’eòlas agus dealas chun phròiseict ann an raointean leithid poileasaidh, croitearachd, foghlam, Gàidhlig agus blasan-cainnt a’ Chinn a Tuath, dualchas chultarail agus àrainneachdail agus leasachadh seasmhach. Bidh am buidheann stiùiridh a’ coinneachadh trì tursan gach bliadhna.
Com-pàirtichean eile sa phròiseact
‘S iad ar luchd com-pàirtichidh sa phròiseact Comhairle Earra-ghàidheal is Bhòid, Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Arcaibh agus Comhairle Shealtainn.

Ag obrachadh còmhla ri buidhnean eile
Tha Ceanglaichean Croitearachd ag obair ann an sgoiltean ann an co-theacsa a’ Churaicealam airson Sàr-mhathais ùir. An lùib seo, tha a’ phròiseact a’ conaltradh ri Ionnsachadh agus Teagasg Alba (LTS) gus dèanamh cinnteach gum bi am pròiseact a’ cuideachadh ann a bhith a’ libhrigeadh thoraidhean agus dhòighean ionnsachaidh a’ Churaicealam airson Sàr-mhathais.
A’ ceangal a’ churaicealaim
Feumaidh an curaicealam cothrom a thoirt gu bhith a’ toirt an ionnsachaidh thar chrìochan nan cuspairean, gus am bi an luchd-ionnsachaidh a’ dèanamh cheanglaichean eadar raointean eadar-dhealaichte den ionnsachadh. Tro thachartasan eadar-chuspaireil den t-seòrsa seo, ionnsaichidh daoine òga mar a leasaicheas iad an sgilean eagrachaidh, an cruthachalas, an obair-sgioba agus an comas a bhith a’ cur an ionnsachaidh ri co-theacsan ùra agus dùbhlanach.
Tha croitearan ionadail agus an SCF deatamach ann a bhith a’ suidheachadh co-theacsa a’ phròiseict anns gach sgìre chroitearachd.
Tha Ceanglaichean Croitearachd ag obrachadh le buidhnean ionadail leithid thaighean-tasgaidh agus ionadan dualchais, buidhnean àrainneach is gàrradaireachd. Tha seo a’ cuideachadh ann a bhith a’ cruthachadh taic ionadail dhan phròiseact agus ann a bhith a’ fàgail dìleab às a dhèidh anns gach coimhearsnachd croitearachd.
Bidh sinn cuideachd ag obair còmhla ri buidhnean nàiseanta, leithid Institiùd MhicAmhlaigh, An Coimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh agus Aosmhor (RCAHMS), Sgoiltean Eco, Urras Rìoghail Foghlam na Gàidhealtachd agus Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH), aon de ar luchd-maoineachaidh, gus an t-ionnsachadh eadar-chuspaireil a dhaingneachadh ann an sgoiltean agus gus na ceanglaichean a tha an lùib a’ phròiseict agus anns a’ cho-theacsa fharsaing an Alba a dhèanamh nas doimhne.
The Venue
Portree High School
Tuesday 4th October at 7.30 pm
Leugh an t-artaigil air fad.: Voices of the Island Crofts - Portree 4th OctMar phàirt den phròiseact Ceanglaichean Croitearachd is a bhith a’ cur a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais an cèill, chaidh sgoilearan Àrd-sgoil Cheann a’ Bhàigh gu Margaidh Loch nam Madadh air Diardaoin 20mh Faoilleach airson a’ chiad Fèill-reic den bhliadhna.
Fhad ’s a bha iad ann, ghabh iad nota dhan àireamh de bheathaichean a chaidh an reic, na briodan, an cuideam agus na prìsean a fhuairear orra. Chaidh an dàta a chur ann an duilleagan-clèithe gus grafan, clàran agus obrachadh a-mach de gach seòrsa a dhèanamh. Seo dha na trì eisimpleirean de dh’obair nan sgoilear.
Leugh an t-artaigil air fad.: Sgoil Cheann a’ Bhàigh a’ dol gu Fèill-reic Loch nam Madadh