english | gàidhlig  
Fios mun phròiseact

Amasan a’ phròiseict

  • Croitearachd a chur fa chomhair dhaoine òga is croitearan ùra a bhrosnachadh
  • Dualchas croitearachd is traidiseanan a tha sònraichte do choimhearsnachdan ionadail a dhìon
  • Fiosrachadh is tuigse a’ phobaill air croitearachd a leudachadh
  • Cothroman saor thoileach àrd ìnbhe a thabhann
  • Coimhearsnachdan a bhrosnachadh gus na lorgan eag-eòlach is gualan aca a lùghdachadh

Dòighean-beatha seasmhach agus dualchas
Bha croitearan a-riamh ag obrachadh gu dlùth ris an àrainneachd, le dòighean obrach nach eil a’ cur feum air tòrr cur-a-steach agus nach eil a’ toirt mòran buaidh gus biadh, fasgadh, aodach agus lùths a sholarachadh dhan teaghlach agus dhan choimhearsnachd ionadail.

Anns an 21mh linn, tha croitearachd a’ toirt dhuinn sàr mhodal airson an ùidh a tha ann an-diugh a thaobh beatha fhallain agus seasmhach, a tha a’ toirt urram dhan àrainneachd agus freagairtean ionadail gus coinneachadh ri bun fheumalachdan.

Lionacleit students inspecting cattle

Croitearachd agus fiadh-bheatha
Thar nan linntean, tha croitearachd air cruth sònraichte a thoirt air an talamh gus lìon-obrach de dh’àrainnean fiadh-bheatha a chruthachadh, cuid air an sònrachadh aig ìre eadar-nàiseanta, mar machraichean, monaidhean, fearann dubh, monaidhean fraoich agus coilltean ionaltraidh ann an cuid de na cruthan-tìre as sònraichte ann an Alba

Tha sgìrean croitearachd nan dachaigh do chuid den dualchas nàdarra as eadar-mheasgaichte ’s a gheibhear ann an Alba, le eòin chudromach mar an traon, an uiseag agus a’ ghealag-bhuachair ann an sgìrean far a bheil bàrr air a ghearradh agus achannan gràin, eòin-grunnachaidh a bhios a’ neadachadh ann am boglaichean, eòin-seilg agus eòin mara.

Tha Ceanglaichean Croitearachd a’ toirt cothrom do dhaoine òga luach is spèis a bhith aca nan dualchas àrainneachail agus seo a chothromachadh leis an fheum a tha aca a bhith ag obair agus a bhith beò sa cho-theagsa seo.

Na h-Ealain Chruthachail
Tha croitearachd cuideachd a’ cumail taic ri dualchas cultarail sònraichte, a tha a’ tighinn fo bhuaidh na Gàidhlig sna h-Eileanan an Iar agus a’ Ghàidhealtachd agus buaidh nan Lochlannach ann an Arcaibh agus Sealtainn,  chithear san dìleab bheairteach de cheòl, òrain, dannsa, bàrdachd, sgeulachdan, sgrìobhadh agus ainmean-àite.

Tha Ceanglaichean Croitearachd a’ tighinn aig an aon àm ri rannsachadh mòr bhon riaghaltas a tha a’ sealltainn gum feumar dualchas croitearachd a chumail beò nar coimhearsnachdan – is chan ann a-mhàin ann an taighean-tasgaidh agus ionadan dualchais – dha na ginealaich a tha beò an-dràsta agus na bhios ann san àm ri teachd.

Aithisg a’ Chomataidh Sgrùdaidh air Croitearachd, 2008

Tha raon farsaing de ghnìomhan cultarail co-cheangailte ris an dualchas bheairteach a tha ceangailte ri coimhearsnachdan croitearachd.  Tha cothrom aig sgoiltean an dualchas seo a sgrùdadh tro:

  • Clàraidhean air fiolm, bhideo agus fuaim de chroitearachd san àm a chaidh seachad, an t-àm a tha an làthair agus an t-àm ri teachd
  • Dealbhan agus obair camara – den chruth-tìre fìor mhath agus de bheatha agus obair croitearachd
  • Obair-ciùird - tha sgoilearan air am brosnachadh gus sgilean prataigeach ionnsachadh an dàimh ri croitearachd leithid snìomh, fighe agus obair dath; togail bhàtaichean, dèanamh fhidhlean agus obair basgaid.
Naidheachdan as ùire
Voices of the Island Crofts - Portree 4th Oct
Ceann-là: 12/09/2011

The Venue

Portree High School

Tuesday 4th October at 7.30 pm

Leugh an t-artaigil air fad.: Voices of the Island Crofts - Portree 4th Oct

Sgoil Cheann a’ Bhàigh a’ dol gu Fèill-reic Loch nam Madadh
Ceann-là: 13/06/2011

Mar phàirt den phròiseact Ceanglaichean Croitearachd is a bhith a’ cur a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais an cèill, chaidh sgoilearan Àrd-sgoil Cheann a’ Bhàigh gu Margaidh Loch nam Madadh air Diardaoin 20mh Faoilleach airson a’ chiad Fèill-reic den bhliadhna.

Fhad ’s a bha iad ann, ghabh iad nota dhan àireamh de bheathaichean a chaidh an reic, na briodan, an cuideam agus na prìsean a fhuairear orra.  Chaidh an dàta a chur ann an duilleagan-clèithe gus grafan, clàran agus obrachadh a-mach de gach seòrsa a dhèanamh.  Seo dha na trì eisimpleirean de dh’obair nan sgoilear.

Leugh an t-artaigil air fad.: Sgoil Cheann a’ Bhàigh a’ dol gu Fèill-reic Loch nam Madadh

'S e pròiseact trì-bliadhna a tha ann an Ceanglaichean Croitearachd a chuireadh air bhog anns an Lùnastal 2009 le Bunait Croitearachd na h-Alba agus Comann Ùir na h-Alba.